Sgoil MhicNeacail A soirbheachail ann an Deasbad Nàiseanta 2017/Nicolson Institute A Successful at National Debate 2017!

Sgoil MhicNeacail A soirbheachail ann an Deasbad Nàiseanta 2017!

Ghabh a' chuairt dheireannach de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2017 àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diciadain 29 Samhain. Bha deasbad air leth beòthail ri chluinntinn le Clare Frances NicNèill agus Iain MacGilliosa bho Àrdsgoil Lochabair an aghaidh John Alasdair MacIlleBhàin agus Calum MacIllinein bho Sgoil MhicNeacail A. Ach, aig a' cheann thall 's iad balaich Sgoil MhicNeacail a bha soirbheachail agus thèid a' chuach air ais a Steòrnabhagh am bliadhna seo. 'S i Clare Frances NicNèill à Àrdsgoil Lochabair a choisinn an sgiath airson an òraidiche as fheàrr agus thug Marion NicFhionghain bho BBC Gàidhlig seachad an duais.

Bu mhath leis a' chomataidh taing mhòr a thoirt dhan na buidhnean maoineachaidh agus buidhnean a chur taic ri Deasbad 2017 - Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Sgilean Leasachaidh na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu agus Comunn na Gàidhlig.


Nicolson Institute A Successful at National Debate 2017

The final of the 2017 National Gaelic Schools Debate took place at the Scottish Parliament on Wednesday 29 November. A very lively debate was heard with Clare Frances MacNeil and Iain Gillies from Lochaber High School going up against John Alasdair Bain and Calum Maclennan from The Nicolson Institute A. The boys from The Nicolson eventually came out victorious and the trophy will go to Stornoway this year. Clare Frances MacNeil was presented with the best debater award by Marion MacKinnon from the BBC's Gaelic team.

The committee would like to thank the organizations who helped to fund and support this year's Debate - The Scottish Government, Bòrd na Gàidhlig, Skills Development Scotland, Comhairle nan Eilean Siar, Glasgow City Council and Comunn na Gàidhlig

Back to news