Cuirm le Anna Mhàrtainn/ Concert by Anne Martin

Date: Thursday, 17 January, 2019
Time: 20:00
Location: Taigh Dhonnchaidh
Address: Ness, Isle of Lewis

 

Cuirm-seinn le Anna Mhàrtainn aig Taigh Dhonnchaidh

Tha Anna Mhàrtainn, seinneadair Gàidhlig cliùteach às an Eilean Sgitheanach, gu bhith a' cumail cuirm aig Taigh Dhonnchaidh, ann an Nis, air feasgar Diardaoin 17mh den Fhaoilleach.

'S e cothrom math dha-rìribh a bhios seo òrain a chluinntinn, nach eil cho bitheanta, bho thè a tha air a bogadh ann an dualchas sgìre Thròdairnis agus aig a bheil eòlas air seinn ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte, fad is farsaing. Tha Anna, am measg eile, air a bhith a' seinn anns na Stàitean Aonaichte, Canada agus fiù 's na h-Innseachan! Tha ceum aice ann an Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd 's mar sin faodar a bhith cinnteach gun ionnsaichear mu eachdraidh is tachartasan air cùl nan òran a bharrachd air a bhith ag èisteachd ri ceòl tlachdmhor.

Thathar an làn dùil gum bi oidhche aoibhneach romhainn is tha sinn an dòchas gum faic sinn an taigh làn de dhaoine!

Tòisichidh a' chuirm aig 8f agus tha i an-asgaidh, ged a bhithear a' gabhail thabhartasan do Thaigh Dhonnchaidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho dhuilleag facebook Taigh Dhonnchaidh.

 

Anna Martin to perform at Taigh Dhonnchaidh

Anna Martin, a renowned Gaelic singer from Skye, will be performing at Taigh Dhonnchaidh, in Ness, on the evening of Thursday 17th January.

This will be a great opportunity to hear songs that aren't too common, sung by a singer immersed in the traditions of the Trotternish peninsula and who has experience of singing in very different settings, abroad and at home. Anna has sung in, among other places, the United States, Canada, and even India! With a degree in Material Culture and Highland History, she is certain to give interesting insights into the history and events that brought about the songs, as well as giving us the opportunity to listen to her engaging singing.

This promises to be an enjoyable evening for all and we hope to see the house filled!

The concert will start at 8pm and is free of charge, although donations will be accepted for Taigh Dhonnchaidh. Further information can be found on Taigh Dhonnchaidh's facebook page.

Concert with Anna Martin

Back to events