Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2017 / Gaelic Student Placement Scheme 2017

Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2017

Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a' tabhann cothroim do dh' oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a' cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2017 aig buidhnean a tha a' cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil.  Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh an greis gnìomhachais a bhith deiseil ro31 Lùnastal, 2017.

Tha an Sgeama seo air a bhith a' ruith airson iomadh bliadhna, agus tha e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a' toirt cothrom dha na h-oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta. Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a' toirt cothrom dhaibh oileanach fhastadh gus obair air pròiseact sònraichte a dhèanamh, obair 's dòcha nach b' urrainn dhaibh a dhèanamh gun an cuideachadh seo bhon oileanach.

Fiosrachadh mun Sgeama:

  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no ann an colaiste);
  • Feumaidh comas labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig na h-oileanaich;
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-fhoghar 2017;
  • Feumaidh na buidhnean Gàidhlig a bhith deònach an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich, (£8.25gach uair);
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù,30uair a thìde gach seachdain a' ghreis gnìomhachais, agus;
  • Ma ghabhas e a dhèanamh, thathas a' moladh gun toireadh na buidhnean prìomhachas do dh'oileanaich nach robh a rìamh air sgeama ron seo.

Ma 's e 's gur e oileanach a th' annad le sgilean Gàidhlig, a bhios sna h-Eileanan Siar as t-samhradh, 2017, agus tha ùidh agad san Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm-iarrtais air làrach-lìn na Comhairle, aig: http://www.cne-siar.gov.uk/sgioba/greis.asp

'S e 7 Giblean, 2017 an ceann-latha airson iarrtasan a bhith a-staigh. 

 

Gaelic Student Placement Scheme 2017

In co-conjunction with Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar are offering an opportunity to students with Gaelic skills to be employed for ten weeks during summer 2017 in the Western Isles with organisations which use Gaelic in the workplace every day. These ten weeks can take place anytime over the summer, but the placement must be completed by31 August, 2017.

This Scheme has been running for many years, and has been very successful in terms of developing the Gaelic skills of students, and giving them valuable experience of a professional work environment. From the point of view of the organisations, the Scheme can give them an opportunity to hire students to work on specific projects, work which would not be possible to do without the assistance of these students.

Information about the Scheme:

  • The students must be in higher education (at university or in college);
  • The students must have some Gaelic speaking, reading and writing skills;
  • The students must be intending to return to higher education in autumn, 2017;
  • The Gaelic organisations must pay the Living Wage to the students (£8.25per hour);
  • The students must work at least30hours per week on their placements, and;
  • If possible, we recommend that priority be given to students who have not been on a placement scheme previously.

If you are a student with Gaelic skills, who will be in the Western Isles over summer, 2017, and you wish to apply for the Scheme, can you please fill in the application form on the Comhairle website at: http://www.cne-siar.gov.uk/sgioba/greis.asp

The closing date for applications is 7 April, 2017.